"Cus siubhail" aig euslaintich Ghallaibh

Gallaibh Image copyright Google
Image caption Tha dragh air luchd-iomairt mun uimhir de shiubhal a dh'fheumas euslaintich à Gallaibh a dhèanamh.

Tha NHS na Gàidhealtachd a' tighinn fo ìmpidh ath-sgrùdadh a dhèanamh air na h-amannan airson choinneamhan le dotairean a bheir iad dha euslaintich ann an Gallaibh gus nach bi aca ri uimhir de shiubhal a dhèanamh.

Tha a' bhuidheann-iomairt CHAT ag ràdh gu bheil cuid de dh'euslaintich a' siubhal trì uairean de thìde a dh'Inbhir Nis, agus an uair sin a' faighinn a-mach gu bheil an àrd-dhotair aca gu bhith ann an Inbhir Ùige beagan làithean às dèidh sin.

Thuirt Cathraiche na buidhne, Bill Fernie, gun gabhadh barrachd feum a dhèanamh de theicneòlas, leithd co-labhairtean bhideo, neo fiù 's a bhith a' bruidhinn ri dotair air a' fòn gus nach fheumadh euslaintich a bhith a' siubhail cho fada.

Dh'iarradh e cuideachd nach fhaigheadh euslantich à Gallaibh coinneamhan le dotairean ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir cho tràth air an là.

Cha d' fhuaireas beachd fhathast bho NHS na Gàidhealtachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile