Iomairt an aghaidh dhràibhearan fo bhuaidh na dibhe

Bidh Poileas Alba ag amas air dràibhearan a tha fo bhuaidh na dibhe thairis air an ath-chola deug.

Tha iad gu h-àraidh gu bhith a' cumail sùil a-mach airson dràibhearan a tha fhathast os cionn na h-ìre ceadaicte às dèidh dhaibh a bhith ag òl an oidhche roimhe.

Thuirt iad, air feadh Alba, gum bi iad a' glacadh 16 dràibhearan anns a' chumantas gach là.

Tha iad airson teachdaireachd a thoirt dhan fheadhainn seo, thuirt iad, gu bheil iad a' cur am beatha fhèin agus beatha dhaoine eile ann an cunnart.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile