Dùbhlan dha teaghlaichean phrìosanach

Prìosan Image copyright Getty Images
Image caption Tha dragh air teaghlaichean anns na h-Eileanan mu uairean-tadhail anns na priòsanan

Tha dragh air èirigh mu cho duilich, agus cho cosgail, 's a tha e do dhaoine anns na h-Eileanan tadhal air feadhainn a tha càirdeach dhaibh anns a' phrìosan air Tìr-Mòr.

Tha fianais ann gu bheil feadhainn a thig a-mach às a' phrìosan nas eu-coltaiche a dhol ann a-rithist ma tha ceangal aca rin teaghlaichean, agus gum bi an slàinte inntinn nas fheàrr cuideachd.

Tha boireannach ris an do bhruidhinn sinn, ach nach fhaodar ainmeachadh, air a bhith a' siubhal às na h-Eileanan Siar, gu Inbhir Nis, Glaschu agus dhan Eaglais Bhric thairis air còig bliadhna 's i a' tadhal air fear a tha càirdeach dhi a th' anns a' phrìosan.

"Feumaidh sinn tòiseachdadh a' bruidhinn mu dheidhinn seo. Tha teaghlaichean sna coimhearsneachdan a' fulaing le na trioblaidean seo nan aonar".

Taic

"Tha e duilich a bhith a' dol a shealltainn orra - agus cosgail cuideachd a bhith a' falbh air an aiseag neo air a' phlèana. Chan fhaigh thu ach trì chairteal na h-uarach, agus mura h-eil an siubhal agad a' freagairt air an uair a bheir iad dhut, cha ghabh atharrachadh. Faodadh tu tadhal orra dà thrup san t-seachdain ach chan eil dòigh as urrainn do dhaoine às na h-Eileanan sin a dhèanamh, a thaobh na h-obrach aca agus na cosgais."

"The e uabhasach doirbh a bhith a' cumail a' cheangail sin - an càirdeas - agus a' toirt taic dhaibh."

Tha BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, air a bhith ag obair leis an teaghlach, agus tha e air a' chùis a thogail le Seirbheis Phrìosain na h-Alba.

Thuirt e gun do gheall iad sùil a thoirt air uairean-tadhail airson teaghlaichean às na h-Eileanan, gu h-àraidh sa Gheamhradh.