Làmh an uachdair aig sgioba an Òbain

Ball

Tha Camanachd an Òbain air am misneachadh a' dol a-steach dhan chuairt dheireannaich de Chupa Comann Ceilteach Ghlaschu às dèidh dhaibh soirbheachadh a-rithist an aghaidh Chaoil Bhòid air an deireadh-sheachdain.

Coinnichidh na sgiobaidhean sa chuairt dheireannaich ann an Taigh an Uillt Disathairne ann an geama a chithear beò air BBC ALBA.

'S e seo cuideachd an treas turas a bhios iad air cluich an aghaidh a chèile air a' mhìos seo.

Rinn sgioba an Òbain an gnothach 2-0 ann an Cupa MhicAmhlaidh, agus b' e 2-0 a bh' ann a-rithist sa Phrìomh Lìog Disathairne, na tadhail a' tighinn bho Dhaniel Camshron is Anndra MacCuthais.

Thog sin Camanachd an Òbain suas dhan treas àite is iad ann an sunnd a' dol a-steach dhan gheama mhòr ann an Taigh an Uillt.

Ceistean gu leòr do Chaol Bhòid ge-tà, a tha a-nise air trì geamaichean ann an sreath a chall às dèidh dhaibh ron sin a bhith gun geama a chall idir am-bliadhna.

Bàrr

Cuideachd sa Phrìomh Lìog Disathairne, neartaich Ceann a' Ghiuthsaich an suidheachadh aca aig mullach na lìge le buaidh 4-1 an aghaidh Loch Abair.

Thog Inbhir Aora na ciad puingean acasan den t-seusan is iad a' soirbheachadh 3-2 an aghaidh Chill Mhàillidh.

Chaidh Baile Ùr an t-Slèibh air adhart dhan chairteal chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

Rinn am Baile Ùr an gnothach air Lòbhat 3-0, na tadhail bho Eòghain Friseal (2) is Friseal Mac an Tòisich ann an ùine a bharrachd is na sgiobaidhean air a bhith co-ionnan 0-0 às dèidh 90 mionaidean.

Bidh am Baile Ùr an aghaidh an Eilein Sgitheanaich san ath-chuairt.

Tha Ceann Loch Seile cuideachd troimhe is iad air soirbheachadh 3-2 an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.

Bidh Seile an a-nise an aghaidh Camanachd an Òbain.

San Lìog Nàiseanta air an deireadh-sheachdain, thug na Sgitheanaich pronnadh 7-0 air Srath Ghlais is thàinig an Gearasdan air ais gus soirbheachadh 3-2 an aghaidh Ghleann Urchadain.

Pronnadh

Bha là air leth aig na Leòdhasaich ann an Lìog Tuath 2. B' e 4-1 a bh' ann dhaibh ann an Canaich an aghaidh Shrath Ghlais, na tadhail a' tighinn bho Dhòmhnall MacLaomainn (2) is Connor Chalmers is Stiùbhart Caimbeul.

Bha boireannaich an Eilein Sgitheanaich a' frasadh a-steach na tadhail a-rithist Didòmhnaich.

Às dèidh 10 a chur seachad air Loch Abar an t-seachdain seo chaidh, chuir iad an turas seo 11 air Àird nam Murchan.

Chuir Lorna NicRath is Jenna Pheutan ri chèile ceithir tadhail is bha a dhà aig Molly NicFhiongain. 'S i Ilana NicPheadrais a fhuair an tadhal eile.

Thog seo na Sgitheanaich suas dhan treas àite san Lìog Nàiseanta.

Sa gheama eile Didòmhnaich, thog Srath Spè na ciad puingean acasan den t-seusan le buaidh 4-0 air Gleann Urchadain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile