Nis air tarraing a-mach às a' Chupa Amaitearach

Nis

Dhearbh sgioba Nis gu bheil iad air tarraing a-mach à Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd.

Bha na Nisich agus Abhach gu bhith a' cluich san treas chuairt.

Bha Nis mar-thà air United Steòrnabhaigh is United Bun Ilidh a chur a-mach às an fharpais.

Tha e tighinn am bàrr ge-tà, gun do chleachd Nis cluicheadair nach robh clàraichte mar bu chòir gun fhiosta dhaibh.

Bha an cluicheadair cuideachd clàraichte le sgioba aig ìre junior ann an Siorrachd Obar Dheathain.

Às dèidh dhaibh bruidhinn ri Comataidh Chupa Amaitearach na Gàidhealtachd, dh'aontaich Nis tarraing a-mach às an fharpais.

Ged a tha Abhach a-nise troimhe mar-thà, thèid an còrr de na geamaichean san treas chuairt air adhart air an deireadh-sheachdain.

Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd - An Treas Cuairt - 29.6.19

Baile a' Chaisteil - Loch an Inbhir (3f)

Loch Nis - Pentland United (3f)

Baile Màiri - Rendall (12.30f)

Whitedale - Lerwick Spurs (3f)

Athletic Steòrnabhaigh - Slèite is an Srath (3f)

An Rubha - Wick Groats (12f ann an Cùil Bhàicidh)

Bellmac - Kirkwall Thorfinn (2f)