Leasachadh aig Port-adhair Inbhir Nis

Port-adhair Inbhir Nis Image copyright Andrew Tyron/Geograph

Chaidh crìoch a chur air a' chiad phàirt de shiostam drèanaidh ùr aig Port-adhair Inbhir Nis.

Cosgaidh a' phròiseact gu lèir £5.5m is e ag ùrachadh siostam a chaidh a chur ann an toiseach bho chionn 80 bliadhna aig àm an darna cogaidh.

Bha dragh ann mu sheann phìoban is gum faodadh uisge a bha air a thruailleadh faighinn dhan àrainneachd mun cuairt agus milleadh a dhèanamh.

Siostam

Tha an obair a chaidh a dhèanamh cuideachd a' ciallachadh gu bheil comas aig a' phort-adhar barrachd uisge a stòradh nuair a tha uisge mòr ann, agus mar sin cha bhi dragh mu dheidhinn uisge mìllteach fhaighinn a-mach.

Rinn Dualchas Nàdair na h-Alba agus SEPA sgrùdadh an Linne Mhoireibh mun t-slighe a ghabhadh na pìoban ùra airson dèanamh cinnteach nach dèanadh iad dragh do dh'eòin no fiadh-bheatha eile sa sgìre.

Tha dùil gun tòisich an dàrna leth den obair air an t-siostam san Fhoghair.