Fiosrachadh ga shireadh mu aimhreit an Dail an Eich

Poilis

Tha Poileas Alba a' sireadh fiosrachaidh às dèidh aimhreit ann an Inbhir Nis san deach balach, 13, a ghoirteachadh.

Thachair seo mu 6.20f Diardaoin air slighe-coiseachd eadar Rathad Naomh Anndra is Rathad Naomh Fionan ann an Dail an Eich.

Chaidh ceathrar no còignear fhireannach a dh'ionnsaigh a' bhalaich is bha buaireadh ann.

Chaidh an deugaire a ghoirteachadh ach cha robh e feumach air cobhair mheadaigeach.

Thathas a' tuigsinn gun robh na fireannach uile timcheall air 20, àrd, is le geansaidhean dorcha orra.

Dh'iarr na poilis air duine sam bith a chunnaic an aimhreit, air neo buidheann de dh'fhireannaich coltach ri seo ann an Dail an Eich, fios a chur orra air 101, no air Crimestoppers air 0800 555 111.