Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An t-Ogmhìos 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tòraidhean

Tha Rùnaire na Slàinte, Matt Hancock, a' tarraing a-mach às an taghadh airson ceannas a' Phàrtaidh Thòraidhich. Thuirt Mgr Hancock, bha san t-siathamh àite sa bhòt an-dè, gu bheil e airson cothrom nas fheàrr a thoirt do dh'fheadainn eile, seach e fhèin, an aghaidh Bhoris Johnson, a fhuair a' mhòr-chuid den taic sa bhòt.

Tha Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Jeremy Hunt, a bha san dàrna àite an-dè, a' fàgail air Boris Johnson gu bheil e a' seachnadh nam meadhanan naidheachd. Thuirt an fheadhainn a tha a' seasamh an aghaidh Mghr Johnson gu bheil iadsan deònach pàirt a ghabail ann an deasbad telebhisean, rud nach do rinn esan fhathast.

Gulf Oman

Thuirt Jeremy Hunt an-diugh gu bheil suidheachadh fìor chunnartach eadar na Stàitean Aonaichte agus Iran an dèidh ionnsaighean air dà thancair ola ann an Gulf Oman an-dè. Sgaoil an Riaghaltas ann an Washington bhideo anns a bheil dearbhadh, tha iad ag ràdh, gur e Iran a bha air a cùlaibh, rud a tha Iran a' dol às àicheadh.

Brexit

Thuirt Ceannard na Seirbheis Catharra, Sir Mark Sedwill, gu bheil an Riaghaltas air an deagh uallachadh airson Brexit gun aonta. Thuirt esan gun deach mòran ullachaidh a dhèanamh airson falbh às an Aonadh Eòrpach mar a bha dùil an toiseach sa Mhàirt agus gu bheil sin fhathast ann an àite mura bi aonta ann.

Grenfell

Tha seirbheisean ann an-diugh a' comharrachadh dà bhliadhna bho bha teine Tùr Ghrenfell ann an Lunnain anns an do chaill 72 duine am beatha. Tha am fiosrachadh às ùire bhon Riaghaltas ag ràdh gu bheil trì chairteal de thoglaichean àrda fhathast leis an aon chòmhdach nach eil sàbhailte. Cha do thòisich obair fhathast air an dàrna leth dhiubh agus boinnidh mòran dhiubh dhan roinn phrìobhaidich.

Linne Chrombaidh

Tha Greenpeace ag ràdh gu bheil luchd-iomairt aca an-rithist air clàr-ola ann an Linne Chrombaigh. Thug na poilis luchd-iomairt far a' chlàir an-dè ach tha e coltach gun do thill feadhainn eile air feadh na h-oidhche. Thuirt BP, a bha am beachd tolladh a dhèanamh sa Chuan a Tuath leis a' chlàr-ola, nach eil dad acasan an aghaidh iomairt shìtheil ach gu bheil Greenpeace a' dol ro fhada an turas seo.

Oighreachd a' Chrùin

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil tòrr ri dhèanamh fhathast mus bi cinnt ann gum faigh iad buannachd gu lèir às na còraichean air Oighreachd a' Chrùin. Tha a' Chomhairle agus sgìrean eile aig toiseach sgeama pìleat an-dràsta, far a bheil iad a' faighinn cothrom air cuid de chòirichean na h-oighreachd.