"Cùis a' chàbaill ga neartachadh"

Tha BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, ag ràdh gu bheil amas an Riaghaltais airson cur às de ghasaichean millteach ron bhliadhna 2050 a' neartachadh na h-argamaid airson chàball-dealain nas motha eadar na h-Eileanan Siar agus Tìr-Mòr.

Thuirt Ofgem nas tràithe am-bliadhna gum biodh càball 450MW mòr gu leòr, ged a tha mòran a' cumail a-mach nach giùlaineadh sin na bhios tuathan-gaoithe nan eilean a' cruthachadh.

A' bruidhinn ann an Taigh nan Cumantan, thuirt Mgr MacNèill gur e meud a' chàbaill sin àrdachadh aon rud sìmplidh a dh'fhaodadh an Riaghaltas a dhèanamh ann an oidhirp an t-amas aca a choinneachadh.

Gheall Rùnaire a' Ghnothachais, Greg Clark, gun coimhead e ris a' chùis a-rithist.

Tuilleadh air an sgeulachd seo