Cus bhanaichean-campachaidh an Uibhist?

Cabhsair
Image caption Tha RET air tòrr a bharrachd luchd-campachaidh a thàladh a dh'Uibhist

Tha uimhir de bhanaichean-campachaidh a' dol a dh'Uibhist 's gu bheil ceist ann am bu chòir feuchainn ri smachd a chur air na h-àireamhan, mar a tha a' tachairt ann an Tiriodh.

Tha ceithir àitean-campachaidh eadar dà cheann Uibhist, a tha a' tabhann a h-uile goireas, agus aonan eile far nach fhaighear ach uisge.

Tha iad sin tric cho làn ge-tà 's gum bi aca ri daoine a dhiùltadh.

Tha gearan ann cuideachd mu chion rùim air na h-aiseagan le cho mòr 's a tha na bhanaichean-campachaidh.

Tha Ailean Bochanan air a bhith a' ruith làrach champachaidh ann an Lionacleit bho chionn 40 bliadhna, agus tha e air fàs mòr fhaicinn anns na tha de luchd-turais a' tighinn.

Tha esan ag ràdh gur e nuair a chaidh RET a chur air na h-aiseagan a thàinig àrdachadh an toiseach air àireamh nam bhanaichean-campachaidh.

Saorsa

Seach a bhith a' cleachdadh làraich-champachaidh, tha cuid de luchd-turais a' roghnachadh stad ann an àitean le seallaidhean breagha.

Nochd dragh ann an Èirisgeigh gun robh luchd-turais a' cur seachad na h-oidhche ri taobh a' chladha, agus chaidh soidhne a chur an àirde a' cur an aghaidh sin.

Thàinig air Ena NicDhòmhnaill an aon rud a dhèanamh aig Caolas Phaibeil.

"Thuirt fear rium "oh we can wildcamp anywhere in Scotland - it's legal", thuirt i.

Thuirt Ailean Bochanan gu bheil cùisean air ìre a ruighinn far am feumar coimhead ris an t-suidheachadh, 's cion àitean air na h-aiseagan a' dèanamh dragh do mhuinntir nan eilean.

"Tha e uaireannan gu math duilich do dhaoine faighinn a-mach far nan eileanan fhèin - faighinn a-mach agus faighinn a-staigh 's chan eil sin dòigheil idir", thuirt e.