Camanachd an Òbain troimhe

Iomain

Rinn Camanachd an Òbain adhartas ann an Cupa MhicAmhlaidh às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh air Caol Bhòid 2-0 oidhche Chiadain.

'S e annas a th' ann an geama meadhan na seachdain ann an iomain is Caol Bhòid air iarraidh an geama a ghluasad bho Dhisathairne, nuair a bhios grunn de na cluicheadairean aca aig pàrtaidh stag.

'S dòcha gu bheil sgioba Thaigh na Bruaich a' gabhail aithreachais a-nise is iad a-mach às a' chupa.

Cothrom

Rinn dà thadhal bho Anndra MacCuthais, fear as gach leth, an gnothach do sgioba an Òbain aig Pàirce Mossfield.

Tha iad a-nise san iar-chuairt dheireannaich, far an cluich iad Eilean Bhòid no Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.

Bidh cothrom aig Caol Bhòid dìoghaltas fhaighinn an ceartuair ge-tà, is iad gus coinneachadh ri Camanachd an Òbain a-rithist aig deireadh na mìos sa chuairt dheireannaich den Chupa Cheilteach.

Bidh an geama sin beò air BBC Alba.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile