Connspaid a' leantainn mu phìos ealain Abhainn Nis

My Ness Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd

Tha connspaid a' leantainn mu phìos ealain ùr ann an Inbhir Nis.

Mar phàirt de phròiseict My Ness, thèid àiteachan cruinneachaidh a thogail air gach taobh de dh'Abhainn Nis ri taobh Eileanan Nis.

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead dhan phròiseict, a chosgas £250,000, is iad ag ràdh gun toir e cothrom do dhaoine tighinn còmhla ann an àite brèagha.

Chan eil an sgeama air a bhith gun chonnspaid ge-tà is cuid ag ràdh gun dèan e milleadh air bòidhchead nàdarra.

Tha iasgairean-slaite cuideachd a' gearan mun bhuaidh a bheir e orra-san.

Iomairt

Chuir còrr is 2,000 duine an ainmean ri athchuinge na aghaidh.

Tha buidheann strì air a bheil OpenNess ag ràdh gun lean an iomairt.

"Chan eil dad againn an aghaidh ealain phoblaich", thuirt Helen Nic a' Ghobhainn bho OpenNess.

"Tha fios againn gu bheil na h-eich uisge air feum mòr a dhèanamh san Eaglais Bhric.

"Chan eil sinn an aghaidh leithid de rud ann am prionnsabal ach tha sinn den bheachd gum bu chòir dha a bhith a' tighinn a rèir na h-àrainneachd ionadail.

Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd

"'S e àbhainn àlainn a tha seo, tha fiadh-bheatha againn is eachdraidh air leth.

"Chan eil anns na planaichean seo ge-tà ach poidhle mòr de choncrait. Cuiridh e ruag air fiadh-bheatha", thuirt i.

Tha OpenNess cuideachd ag ràdh nach robh cothrom na fèinne aig a' phoball beachd a thoirt seachad air an sgeama.

Chaidh Comhairle na Gàidhealtachd às àicheadh sin.

Cothrom

"Chaidh fios a sgaoileadh gu poblach aig deireadh 2018 gun robh seo a' dol gu ìre dealbhachaidh", thuirt ceannard na Comhairle, Mairead Davidson.

"Rinneadh co-chomhairle is a bha a h-uile cothrom aig daoine am beachd a thoirt seachad.

"Tha ealan poblach anns a h-uile baile as aithne dhomh", thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile