Taighean ùra san amharc sa Ghearasdan

An Gearasdan Image copyright David Dixon / Geograph

Chaidh fàilte air an naidheachd gun tèid còrr 's 400 taigh ùr a thogail anns a' Ghearasdan.

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead seachad dha dà sgeama.

Thèid faisg air 120 taigh a thogail sa Bhlàr Mhòr air taobh tuath a' bhaile, agus còrr is 300 ann an Achadh an Todhair.

'S e seo a' phròiseact taigheadais as motha sa bhaile bho chionn 40 bliadhna.

Feum

Tha cuid air dragh a thogail mun bhuaidh air an àrainneachd is gun tèid talamh mòintich a chall.

Ach tha feadhainn eile ag ràdh gu bheil cruaidh fheum air taigheadas sa Ghearasdan agus còrr 's 600 duine a' feitheamh air taigh sa bhaile.

"Tha taighean ùra cho cudromach airson daoine a thàladh an seo", thuirt fear de chomhairlichean a' Chaoil agus Mhalaig, Ben MacThòmais.

"Tha feum air farsaingeachd de thaighean an seo is aig an ìre seo chan eil sin againn idir, is liosta fhada de dhaoine a' feitheamh taigh.

"Chan eil àite ann dhaibh. Feumaidh sinn taighean", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile