Dùil ri co-dhùnadh air cìsean-parcaidh Mhuile

Tobar Mhoire Image copyright M J Richardson / Geograph

Tha dùil ri co-dhùnadh bho chomhairlichean ann an Earra-Ghàidheal is Bòd Diciadain mu phlanaichean connspaideach 'son cìsean-parcaidh a chur an sàs ann am Muile.

Fo na molaidhean, chosgadh e £9 gach là 'son parcadh aig cuid de phaircean-chàraichean san eilean.

A rèir na Comhairle, tha feum air seo is tòrr a bharrachd chàraichean ann am Muile bho chaidh RET a chur an sàs.

Tha cuid mì-thoilichte ge-tà is na mìltean air an ainm a chur ri ath-chuinge a tha a' cur an aghaidh nam planaichean.

Lasachadh

Nam measg, tha feadhainn a tha a' fuireach is a' tadhal air Eilean Ì, is gu leòr a' fàgail an càraichean ann am Muile mus tèid iad air an aiseig dhan eilean.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ag ràdh gum faigheadh muinntir Ì ticead bliadhnail a chosgadh £475.

Bhiodh lasachadh bliadhnail ann cuideachd do dhaoine a tha a' cleachdadh pairce-chàraichean Creag an Iubhair.

Beachdachaidh comhairlichean air Comataidh Latharna is nan Eilean air na planaichean madainn Diciadain.

Tha dùil gun tog feadhainn a tha a' cur an aghaidh nan planaichean fianais ron choinneimh anns an Òban.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile