Taic do phlana port-fànais Uibhist

Port-fànais Image copyright Spaceport1
Image caption Seo iomhaigh den phuirt-fhànais a tha anns an amharc airson Scolpaig.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air taic de £1m a chur ri pròiseict port-fànais ann an Uibhist a Tuath.

Chaidh planaichean airson a' phuirt-fhànais 'Spaceport1', a thèid a thogail ann an Scolpaig, fhoillseachadh Dimàirt.

Tha airgead na Comhairle air pàigheadh airson an talamh, far an tèid am port a thogail, a cheannach.

Bhon raon seo gabhaidh rocaidean a chur dìreach suas dhan iarmailt airson cuairt far a chìthear am Pòla a Deas agus am Pòla a Tuath, ann an dòigh a tha sabhailte, èifeachdach agus aig cosgais rèusanta.

Buannachdan

Thathar am beachd gum bi suas ri 70 cosnadh air an cruthachadh sa ghnìomhachas nuair a bhios e aig àrd-ìre, agus le iomadh buannachd dhan sgìre.

Tha Comhairle nan Eilean Siar, Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean, QinetiQ, agus 'Commercial Space Technologies' (CST) - companaidh Bhreatannach le 35 bliadhna de dh'èolas san roinn - 'sa cho-bhanntachd a tha an sàs anns a' phròiseict.

"'S e taic-airgid shònraichte a tha seo airson na Comhairle agus airson coimhearsnachd Uibhist a Tuath", thuirt Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Ruaraidh MacAoidh.

"Thig buannachdan mòra eaconomaigeach às a' phròisecit seo agus tha sinn fìor thoilichte a bhith a' cur taic ris," thuirt e.

Creideas

"Mhothaich sinn tràth gun robh suidheachadh nan eilean, am bun-structar a tha dhìth, agus na sgilean ionadail ann, airson creideas a thoirt dhan phròiseict," thuirt Alan Webb, Stiùiriche aig CST.

"Tha sinn misneachail gum bi 'Spaceport1' soirbheachail," thuirt e.

Thèid barrachd co-chomhairleachaidh a dhèanamh sa choimhearsnachd mu amasan na pròiseict tron t-Samhraidh.

Thathar a' bruidhinn mu thràth air deuchainnean a chur air bhog bhon làraich ro dheireadh na bliadhna.