Leasachadh taigheadais air fàire air a' Chomraich

An làrach Image copyright Companaidh Coimhearsnachd na Comraich

Tha Companaidh Coimhearsnachd na Comraich air fàilte a chur air taic-airgid luach £11,900 bho Stòras Fearainn na h-Alba airson talamh a cheannach airson taigheadais.

Dh'aontaich NHS na Gàidhealtachd gum faodadh a' bhuidheann talamh a tha ri taobh ionad meadaigeach na sgìre a cheannach.

Tha dùil gun tig trì taighean a thogail agus bidh iad rim faighinn air màl.

Tha a' bhuidheann choimhearsnachd air a bhith a' strì fad bhliadhnaichean talamh a lorg airson an leasachaidh.

"Tha seo na chomharradh air an obair mhòir a rinn daoine 'sa coimhearsnachd thairis air iomadh bliadhna a' feuchainn ri pìos talamh a lorg airson goireasan a thogail agus a chur an gnìomh", thuirt Gòrdan Camshron, a tha a' fuireach air a' Chomraich.

Misneachd

"Tha e uabhasach misneachail gu bheil buidhnean mar NHS na Gàidhealtachd agus Stòras Fearainn na h-Alba deònach a bhith ag obair còmhla rinn agus deònach airgead a thoirt dha na h-iomairtean againn."

"Bheir seo taic do dhaoine le feumalachdan sònraichte fuireach anns an sgìre nach urrainn an-dràsta," thuirt e.

'S e prògram taic do bhuidhnean coimhearsnachd a th' ann an Stòras Fearainn na h-Alba.

Chaidh an stòras a steidheachadh airson buidhnean a chuideachadh le talamh agus togalaichean a cheannach, le taic-airgid bho Riaghaltas na h-Alba.