Iomairt Linne Chrombaidh a' leantainn

Clàr Image copyright Robert Ormerod

Tha clàr-ola fhathast na tàmh ann an Linne Chrombaidh is luchd-iomairt na h-àrainneachd air maille a chur oirre.

Chaidh dithis bho Greenpeace air bòrd a' chlàir Paul B Loyd Junior oidhche Dhòmhnaich.

Bha an clàr ga toirt a-mach gu muir aig an àm.

Dh'innis Greenpeace gun tug iad an dithis far a' chlàir oidhche Luain is gun deach dithis eile nan àite.

'S ann le Transocean a tha an clàr is i an-dràsta aig BP fo chùmhnant.

"Èiginn"

Thuirt an luchd-iomairt gu bheil "suidheachadh èiginn ann a thaobh na h-àrainneachd".

Tha iad airson is gun sguir BP obair-sgrùdaidh 'son tobraichean ola.

Tha Greenpeace ag ràdh nach eil planaichean aca an iomairt a thoirt gu ceann.

Thuirt BP nach e seo an dòigh gus còmhradh mu atharrachadh na gnàth-shìde a thòiseachadh.

Tha luchd-lagha ag obair às leth BP air òrdugh cùirteach a thoirt do Ghreenpeace Dimàirt ann an oidhirp an iomairt a thoirt gu ceann.

Dh'innis Poileas Alba gu bheil iad mothachail den t-suidheachadh is gu bheil iad ag obair còmhla ri Port Linne Chrombaidh gus an gnothach a thoirt gu ceann ann an dòigh "cho sàbhailte 's a ghabhas".

Tuilleadh air an sgeulachd seo