CMAL gan dìon fhèin

Obair aig Loch Àlainn

Tha a' chompanaidh CMAL air a bhith gan dìon fhèin às dèidh mar a thàinig e am bàrr gun robh tè de na stiùirichean aca air aoigheachd le companaidh a bha a' farpais airson chùmhnantan.

'S iad CMAL a tha os cionn bun-structar aiseig na dùthcha.

Fhuair rannsachadh a rinn am BBC gun do ghabh Lorna Spencer aoigheachd luach nan ceudan notaichean co-dhiù ceithir tursan bhon chompanaidh George Leslie Earranta, fhad 's a bha iad a' tagradh airson chùmhnantan.

Nam measg, ghabh i aoigheachd luach nan ceudan notaichean bhon chompanaidh gu Farpais Fhosgailte a' Ghoilf, ged nach do chlàr i luach na h-aoigheachd ach aig £100.

Fo riaghailtean CMAL, chan urrainn luchd-obrach aoigheachd còrr is £150 a ghabhail ach ma bhios fìor adhbhar ghnothachais ann.

Nuair a bha seo a' dol air adhart, bha George Leslie Earranta a' tagradh airson obair luach mu £20m air cidheachan ann an Arainn, Loch Àlainn, san Eilean Sgitheanach, is an Tiriodh, Colla is Cearara.

Bhuannaich iad na cùmhnantan air fad.

Cha deach co-dhùnadh a dhèanamh fhathast air cùmhnant eile a tha iad a' sireadh 'son obair-leasachaidh air an t-slighe eadar Ùige, Loch nam Madadh is an Taibeart.

Ceist

Chunnaic am BBC post-d bho thaobh a-staigh CMAL a thog dragh mun chùis.

Sa phost-d a chaidh gu àrd-stiùiriche, chaidh a ràdh nach bu chòir luchd-obrach a bhith air aoigheachd aig farpaisean spòrs le companaidhean a bha a' sireadh chùmhnantan, is nach bu chòir an tuilleadh chùmhnantan a bha beò aig an àm a dhol gu George Leslie Earranta.

Thuirt CMAL gun do rinn iad rannsachadh is nach deach riaghailtean sam bith a bhriseadh.

Dh'innis iad gur e "pàirt dheatamach den obair againn" a th' ann a bhith an làthair aig tachartasan sòisealta.

Thuirt iad nach robh gnothach aig Lorna Spencer ann a bhith a' taghadh cò gheibheadh cùmhnantan.

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gur ann air CMAL fhèin a tha uallach airson phoileasaidhean is luchd-obrach na buidhne.

Thuirt iad gum bi iad a' coinneachadh ri CMAL is a' sireadh ghealltanasan gu bheil na poileasaidhean is dòighean-obrach aca cho iomchaidh 's a ghabhas.