Ath-sgrùdadh air poileasaidh NHS nan Eilean Siar

Bòrd Slàinte nan Eilean Siar

Thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air poileasaidh NHS nan Eilean Siar a thaobh a bhith a' pàigheadh airson neach-taic a bhith a' siubhal le euslaintich a thèid gu tìr-mòr airson cùram fhaighinn.

B'àbhaist gur iad dotairean teaghlaich a bha a' co-dhùnadh cò bhiodh a' siubhal le euslainteach gu tìr-mòr.

Chaidh am poileasaidh sin atharrachadh agus 's e Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a-nise a nì co-dhùnadh.

Tha Buidheann Cùraim Aillse nan Eilean Siar am measg na tha e air dragh a thogail is iad ag ràdh nach eil càirdean a' faighinn cothrom mar a bha a dhol còmhla ri euslaintich.

Thuirt iad gu bheil aig feadhainn ri siubhail nan aonar aig àm nuair a tha iad feumach air taic.

A-nise tha Rùnaire na Slàinte, Jeanne Freeman, air ath-sgrùdadh iarraidh.

Toileachas

Dh'iarr i air NHS nan Eilean Siar buidheann-obrach a stèidheachadh gus coimhead ris a' phoileasaidh.

Chuir Buidheann Cùraim Aillse nan Eilean Siar fàilte air a' ghluasad.

"Fad mhìosan tha sinn air a bhith a' cluinntinn bho dhaoine nach d'fhuair cead companach a thoirt còmhla riutha", thuirt Helen Sandison bhon bhuidhinn.

"Chuir seo uallach orra aig àm dhoirbh, is gu dearbh uallach ionmhais siubhal a chur air dòigh.

"Tha sinn air ar dòigh gun tèid buidheann-obrach a stèidheachadh is obraichidh sinn còmhla riutha", thuirt i.

Thug a' bhuidheann taing dha Alasdair Allan BPA is Rhoda Ghrannd BPA airson an gnothach a thogail le Jeane Freeman.

An t-seachdain seo chaidh, thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gum biodh molaidhean mun phoileasaidh a' dol air beulaibh a' bhùird aig coinneamh air an ath-mhìos.

Tuilleadh air an sgeulachd seo