"Adhartas" le gearraidhean foghlaim

Pàiste

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cumail a-mach nach toir gearraidhean ann an roinn an fhoghlaim uimhir de bhuaidh 's bha dùil.

Tha mì-thoileachas air a bhith ann mu phlanaichean an ùghdarrais gus crathadh a thoirt air dreuchdan luchd-taic sgoile (PSA) is luchd-taic airson sgoilearan le feumalachdan sònraichte (ASN).

Chuir a' Chomhairle romhpa am buidseat airson luchd-taic ASN a ghearradh is an àireamh de luchd-taic PSA a lùghdachadh.

Thog pàrantan is carthannas autism dragh ge-tà, gun toireadh seo droch bhuaidh air cloinn-sgoile air a' Ghàidhealtachd.

Tha e air fàgail gu bheil luchd-taic sgoile cuideachd air a bhith a' beachdachadh air a dhol air stailc.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a-nise ag ràdh gu bheil iad air "obair mhòr" a dhèanamh is nach toir na gearraidhean buaidh air an uimhir de luchd-obrach PSA.

Còmhraidhean

Dh'innis an t-ùghdarras nach tèid ach 12 dreuchdan làn-ùine PSA a ghearradh, is gum faigh luchd-obrach taic obair eile aig Comhairle na Gàidhealtachd.

Thuirt iad gu bheil iad air buaidh nan gearraidhean a lùghdachadh le a bhith a' cur às do 50 dreuchd PSA a tha bàn an-dràsta, cho math ri sàbhalaidhean eile a lorg taobh a-staigh na Comhairle.

Tha dùil aca còmhraidhean a thòiseachadh le luchd-obrach anns na làithean ri tighinn.

"Tha mise den bheachd nach fhaic sgoiltean droch bhuaidh idir", thuirt ceannard buidseat na Comhairle, an Comh. Alasdair MacFhionghain.

"Tha mise den bheachd gum bi adhartas san dòigh a tha sinn gu bhith ag obair", thuirt e.

Dh'innis an Comh. MacFhionghain cuideachd gu bheil obair a' leantainn airson crathadh a thoirt air seirbheisean ASN, is gu bheilear ag èisteachd ri beachdan sgoilearan is phàrantan.

Tha am BBC a' feitheamh beachd bho na h-aonaidhean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile