Coll
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Crìonadh sluaigh an Eilean Cholla

17 An Cèitean 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Airson beagan bhliadhnaichean bha gnothaichean a' coimhead dòchasach 's àireamh an t-sluaigh a' dol an-àirde an Eilean Cholla.

Ach bho chionn ghoirid tha àireamh na cloinne-sgoile air a dhol sìos gu mòr.

Tha a-nis nas lugha na deichnear sa bhun-sgoil.

Ach tha gnìomhachasan a' fàs, tha taigh-òsta an eilein air a dhol tro leasachadh mòr agus bha deagh naidheachd ann an t-seachdain a chaidh nuair a thàinig dearbhadh gun glèidheadh an t-eilean seirbhis adhair.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.