Teine mòr fhathast a' gabhail an Dùthaich MhicAoidh

An teine an Dùthaich MhicAoidh Image copyright Alex McKinley/SFRS

Tha luchd-smàlaidh fhathast a' strì an aghaidh teine a tha air na mìltean acairean de mhòintich ann an Dùthaich MhicAoidh a losgadh bho oidhche Dhòmhnaich.

Tha naoi innealan-smàlaidh an làthair aig an teine, a tha a' gabhail eadar Mealbhaich agus Srathaidh.

Chaidh an àireamh sin a lùghdachadh gu trì Diardaoin, ach bha ceithir innealan an làthair thar na h-oidhche.

Chaidh heileacoptairean a chleachdadh airson uisge a leigeil air an teine, a tha a' sgapadh seach gu bheil am fraoch agus am feur sa mhòintich gu math tioram an dèidh grunn làithean de thuradh.

Thug an teine buaidh treis air an dealan aig 800 dachaigh.

Tha smàladairean cuideachd air a bhith a' cur an aghaidh teine mhòir eile ann am mòintich agus coille faisg air Farrais ann am Moireibh.

B' fheudar daoine a thoirt a-mach às an dachannan san sgìre oidhche Ardaoin.