Barrantas 'son fear aig an robh 17 coin na dhachaigh a chur an grèim

Coin chaorach
Image caption Bha 15 coin chaorach air an cumail fo na h-aon chabair.

Chaidh barrantas fhoillseachadh airson fear aig an robh 17 coin na dhachaigh ann an Leòdhas a chur an grèim.

Dh'aidich Graeme Donaldson Philips roimhe nach do chùm e na coin ann an dòigh cheart aig an taigh aige ann an Cromòr an Ceann a Deas nan Lochan.

Bha còir aige nochdadh aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh Diardaoin an dèidh dha aideachadh air a' mhìos sa chaidh gu robh 17 coin aige a-staigh agus nach robh e a' coimhead as an dèidh mar bu chòir.

An dèidh dhaibh fiosrachadh fhaighinn bho bhall den phoball, chaidh luchd-sgrùdaidh an SSPCA gu dachaigh Mgr Phillips far an d'fhuair iad 15 còin chaorach agus dà spaniel a bha a' fulang dìth chùraim.

Dh'aidich Mgr Philips, 52, ceithir casaidean fo Achd Slàinte agus Cùraim Bheathaichean agus bha dùil gun cuireadh an Siorram Raibeart Dòmhnallach binn air Diardaoin.

Cha do nochd e sa chùirt, ge-tà, agus chaidh barrantas airson a chur an greim a cheadachadh.

Thuirt àrd superintendent an SSPCA ann an Alba, Mike Flynn: "'S e briseadh dùil a tha seo nach do nochd Philips airson na binn an-diugh ach tha sinn a' coimhead air adhart ri co-dhùnadh na cùirteach fhathast."

Tha fear-sgrùdaidh ionadail an SSPCA, Calum Watt, a dhèilig ris a' chùis, ag ràdh gu robh e na fhìor dhùbhlan dhaibh a làimhseachadh leis na th'aca de luchd-obrach agus de ghoireasan air an eilean.

"'S e a' chùis as motha le coin ris a bh'agam ri dèiligeadh sna 29 bliadhna a tha mi air a bhith seo," thuirt e.