Fear motor-baidhseagail air a leòn gu dona

An A383 Image copyright Google
Image caption Thachair an tubaist air an A838 feasgar Dhiciadain.

Bha am fireannach, 77, a' siubhal air rathad air a' Ghàidhealtachd nuair a thachair an tubaist feasgar Dhiciadain.

Tha na poilis ag ràdh gun do thachair an tubaist air an A838 tuath air An Luirg mu 18:15f.

Bha am fireannach a' dràibheadh motor-baidhseagail BMW agus thuirt na poilis nach robh carbad eile an-sàs anns a'chùis.

Bha an rathad mu chòig mìle deas air Taigh-òsta Ofarsgaig dùinte airson faisg air sia uairean de thìde.

Chaidh na duine a thoirt a dh'Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis airson leigheis.

Tha Poileas Alba ag iarraidh bruidhinn ri daoine a chunnaic na thachair.

Thuirt an Sairdeant Gus Moireach:"Tha an rannsachadh againn a' leantainn agus dh'iarrainn air duine sam bith aig am faodadh fiosrachadh a bhith tighinn a bhruidhinn rinn.

"B'fheudar do dhràibhearan slighe fhada eile a ghabhail fhad 's a bha an rathad dùinte agus bu mhath leam taing a thoirt dhaibh airson a bhith foighidneach."