Iomairt airson barrachd dhaoine a thàladh a Dhùn Chàrlabhaigh

Dùn Chàrlabhaigh Image copyright Getty Images
Image caption 'S e Dùn Chàrlabhaigh fear dhe na làraich eachdraidheil as cudromaiche sna h-Eileanan Siar.

Nì Urras Oighreachd Chàrlabhaigh rannsachadh air dòighean barrachd teachd a-steach fhaighinn bho thurasachd.

Am measg na tha iad a' moladh 's e coimhead air leasachadh aig an Dùn, airson barrachd luchd-tadhail a thàladh chun ghearastan aosmhor.

Cleachdaidh iad maoineachadh a fhuair iad bho Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HIE) gus coimhead air mar a gheibh iad a' bhuannachd as motha às.

Tha Tursachan Chalanais anns an sgìre agus chaidh còrr air 50,000 chun na làraich sin ann an 2018.

Tha Kenny John Mac'illInnein na chathraiche air an urras: "Tha mi'n dòchas gun tig a-mach às an sgrùdadh a tha seo, far am faic sinn dòigh air buannachd fhaighinn à Dùn Chàrlabhaigh a bhios gu buannachd na h-oighreachd, agus cuideachd gu buannachd ghnìomhachasan eile san sgìre, ach feumaidh sinn coimhead gu h-àraidh air buannachd dhan oighreachd againn fhèin."

Bidh cothrom aig muinntir an àite am beachdan a thoirt seachad air a' ghnothach agus bidh coinneamh phoblach ann cuideachd uaireigin sna beagan mhìosan ri thighinn.

"Bhiodh e gu buannachd dhuinne rud sam bith fhaighinn bho dhuine sam bith, cha leigeadh iad a leas a bhith air an oighreachd. Ma tha duine a-muigh an sin a tha a' faicinn seo an rud a b'urrainn dhuibh a dhèanamh airson an rud a chur air adhart agus airson buannachd fhaighinn às, bhiodh sinne toilichte chluinntinn bho dhuine sam bith a dh'innseadh sin dhuinn," thuirt Mgr Mac'illInnein.

Image copyright Berni Welsh
Image caption Thadhail còrr air 50,000 duine air làrach Thursachan Chalanais an-uiridh, agus tha Urras Chàrlabhaigh airson agus gum bi an Dùn a cheart cho tarraingeach.

Eachdraidh an togalaich

Tha Dùn Chàrlabhaigh air taobh siar Eilean Leòdhais na bhroch bho Linn an Iarainn.

Thathar den bheachd gun deach a thogail mu 100 bliadhna an dèidh breith Chrìosta mar dhachaigh dìonach do dh'uachdaran na sgìre.

Bha daoine a' fuireach ann agus ga chleachdadh airson diofair adhbharan fad linntean.

Tha beachd ann gur e an daingneach as motha a bh'ann ann an 1602 do bhuidheann de Mhoireastanaich à Nis.

A-rèir beul-aithris, bha iad air sprèidh a ghoid bho Chlann 'icAmhlaigh ann an Ùig agus, mar a thuigear, bha muinntir Ùige airson na beathaichean aca fhaighinn air ais.

Dòmhnall Cam

Fhuair iad na nàmhaidean aca a' gabhail comraich san dùin agus shreap fear dhiubh, Dòmhnall Cam, am balla a' cleachdadh dà bhiodaig.

Nuair a ràinig e mullach an togalaich thilg e fraoch na bhroin agus chuir e thuige e a dh'fhàg gum b'fheudar na creachadairean Niseach teicheadh.

Thathar ag ràdh gun do sgrios na h-Ùigich am broch an uairsin.

Aig meadhan na naoimheamh lìnn deug bha mòran de na ballachan air falbh leis gu robh daoine san sgìre a' cleachdadh nan clachan airson togalaichean eile.

Airson dìon a chur air an structair 's e Dùn Chàrlabhaigh fear dhe na ciad thogalaichean eachdraidheil ann an Alba air an deach inbhe ghlèidhteachais a chur ann an 1882.