Càraid Dhànach taingeil do choibhneas muinntir na Gàidhealtachd

Anders agus Anne Povlsen Image copyright EPA
Image caption Tha Anders agus Anna Povlsen ag ràdh gu bheil iad taingeil airson nam faclan blàth agus coibhneil bho dhaoine an Alba.

Sgrìobh an teaghlach as motha aig a bheil sealbh fearainn an Alba litir phoblach a' toirt taing do na teachdaireachdan co-chaoidh bho dhaoine air a' Ghàidhealtachd.

Chaill Anders agus Anne Povlsen triùir dhen cheathrar chloinne aca nuair a thug ceannarcaich ionnsaighean ann an Sri Lanka aig a' Chàisg.

Sgrìobh iad litir fhosgailte a th' air nochdadh sna pàipearan-naidheachd, An Scotsman agus am Press and Journal, a' cur an cèill cho taingeil agus a tha iad airson nam faclan cofhurtachd a fhuair iad bho mhuinntir na Gàidhealtachd.

Tha sealbh aig a' chupall air còrr air 200,000 acair de thalamh air a' Ghàidhealtachd.

Thuirt an dithis gu robh na teachdaireachdan a fhuair iad an dèidh call an cuid chloinne sna h-ionnsaighean boma air an gluasad gu mòr.

Bha Alfred, Agnes agus Alma - a bha 5, 12 agus 15 bliadhna de dh'aois - am measg 253 duine a chaill am beatha nuair a dh'amais ceannarcaich Islamach air taighean-òsta agus eaglaisean air an eilean sa Chuan Innseanach air a' mhìos sa chaidh.

Image copyright Zalando
Image caption 'S e fear de na fir as beartaiche san Danmhairg a th'ann am Mgr Povlsen.

Anns an litir tha na Povlsens ag ràdh: "Tha àite sònraichte aig a' Ghàidhealtachd dhuinn a thaobh cuimhneachain an teaghlaich. A' chuimhne ghràdhach agus a th' againn air an triùir chloinne againn, bidh an spioradan agus an anman mìorbhaileach nar cridheachan gu sìorraidh bràth."

'S e fear dhe na fireannaich as beartaiche san Danmhairg a th'ann am Mgr Povlsen.

Thuirt a' chàraid gu robh an smuaintean agus an co-fhaireachdainn le na teaghlaichean neo-chiontach eile a chaill luchd-gràidh sna spreadhaidhean.

Thuirt iad: "Tha sinn fo mhulad mhòr, mhòr ach, aig a' cheart am, tha sinn a' toirt taing gu bheil ur nighean, Astrid, fhathast còmhla rinn."