An ìre taic do luchd-cùraim dalta ga chàineadh

Inbheach le clann

Tha BPA Gàidhealach ag ràdh gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a' pàigheadh na h-ìre as ìsle de thaic-airgid ann an Alba.

Tha Ceit Fhoirbeis, am ball dhan Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach, ag ràdh gu bheil an t-ùghdarras a' toirt seachad £78 not san t-seachdain airson coimhead as dèidh chloinne cho aosd ri 14 bliadhna de dh'aois, ach tha teaghlaicheann ann an Earra Ghàidheal a' faighinn a dhà uidhir sin.

A-rèir nam figearan a fhuair i, tha sin a' ciallachadh gu bheil luchd-cùraim air a' Ghàidhealtachd a' faighinn còrr air £6,000 not nas lugha sa bhliadhna.

Tha Ceit Fhoirbeis ag iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd ath-sgrùdadh a dhèanamh air an taic-airgid a gheibh luchd-cùraim airson dèanamh cinnteach gun cum iad orra coimhead as dèidh dhaoine òga na sgìre.

"Leis gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd feumach air barrachd dhaoine ach chan eil iad a' pàigheadh gu leòr, feumaidh iad coimhead air an airgead a tha iad a' pàigheadh.

Ath-sgrùdadh

"Chan eil seo mu dheidhinn an airgid ach tha fios againn gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a' pàigheadh tòrr airson na cloinne a tha a' dol taobh a-muigh na Gàidhealtachd air sgàth 's nach eil gu leòr dhaoine agus pàrantan anns a' Ghàidhealtachd.

"Ma bheir thu sùil air an airgead tha iad a' pàigheadh an-dràsta tha e gu math doirbh do dhuine sam bith, mar eiseimplir, taghadh eadar a bhith na phàrant neo a bhith ag obair, agus ma tha leanaban agaibh an-dràsta tha e gu math cosgail coimhead as an dèidh.

"'S dòcha gum biodh ùidh aig tòrr a bharrachd phàrantan ann a bhith nam pàrantan air sgàth agus gu bheil fios aca gu bheil gu leòr taic ann," thuirt Miss Fhoirbeis.

Thuirt cathraiche Bòrd Pàrantachd Corporra na Comhairle, an comhairliche Linda Rothach, gu bheil iad an dòchas gum bi an taic-airgid a tha iad a' toirt seachad do theaghlaichean a-rèir ùghdarrasan ionadail eile an Alba ann an ùine nach bi fada.

Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil airgead a bharrachd ri fhaotainn mar-thà do theaghlaichean ann an cuid de shuidheachaidhean.