Còrr is 50 neach a' ruith ann am Manchester 'son airgead a thogail dha Urras Eilidh NicLeòid

Eilidh MacLeod Image copyright Teaghlach Eilidh NicLeòid
Image caption Bha Eilidh NicLeòid am measg 22 a bhàsaich anns an ionnsaigh bho chionn dà bhliadhna.

Cumaidh an t-Urras a chaidh a stèidheachadh ann an ainm Eilidh NicLeòid, a' chiad thachartas mhòr aca air an deireadh-sheachdain-sa.

Bi còrr air 50 neach a' ruith ann am Manchester mar chuimhneachain air Eilidh, a bhàsaich an dèidh sprèadheadh aig Arena a' bhaile bho chionn faisg air dà bhliadhna.

Thèid an t-airgead a thogas iad a chosg air oideachadh ciùil a thoirt seachad do dhaoine òga mar chuimhneachan air Eilidh.

Bha gaol mòr aig Eilidh air ceòl 's bha i a' cluich na pìoba mòire ann an Còmhlan Pìoba Sgoil Lìonacleit.

A bharrachd air daoine a bhith a' gabhail pàirt anns a' Ghreat Run, bidh feadhainn eile a' ruith ann am Marathon Dhùn Èideann air an 26mh den Chèitean.

Image copyright Teaghlach Eilidh NicLeòid

Bha Eilidh gu math fada bho a dachaigh ann am Barraigh nuair a chaidh ionnsaigh bhoma a thoirt air cuirm Ariana Grande aig Arena Mhanchester.

Faisg air dà bhliadhna bhon an latha 'ud, bidh cathrannas a chaidh a stèidheachadh na h-ainm, a' tilleadh dhan bhaile far an do chaill i a beatha.

Bidh còrr air 50 neach a' ruith ann am Manchester Didòmhnaich mar chuimhneachan oirre, le tuilleadh gu bhith a' ruith ann an Dùn Èideann an ath-sheachdain.

Bidh iad a' togail airgid dhan Urras gus cothrom a thoirt do dhaoine òga eile mar Eilidh a dhol an-sàs ann an ceòl, a thuilleadh air cuimhneachan maireannach a stèidheachadh ann am Barraigh.

Chaidh caraid Eilidh, Laura Nic an t-Saoir, a dhroch ghoirteachadh anns an ionnsaigh.

Tha ise air ais san sgoil agus ag obair air na deuchainnean aice.

Image copyright Teaghlach Laura Nic an t-Saoir
Image caption Chaidh Laura Nic an t-Saoir a leòn gu dona anns an ionnsaigh

Bidh co-ogha Eilidh, Ailig White, a tha 15 agus a' fuireach ann an Cheshire, ammeasg na bhios a' ruith Didòmhnaich.

Thuirt e gu bheil e airson rudeigin a dhèanamh airson na rinn ise dha-san: Tha mi ga ionndrainn a h-uile latha.

Image caption Bidh co-ogha Eilidh, Ailig White a' gabhail pàirt anns a' Great Manchester Run

"Tha mi a' faireachdainn gur e seo an aon àm sa bhliadhna as urrainn dhomh rudeigin a thoirt air ais", thuirt e.

Bidh màthair Ailig, Suzanne White, cuideachd a' ruith, 's thuirt ise gum bi e na dhùbhlan dhi. 'S e là làn fhaireachdainn a bhios ann cuideachd.

Image caption Thuirt Suzanne White gu bheil an iomairt aca a' cuimhneachadh gach neach air an tug an ionnsaigh air an 22 Cèitean 2017 buaidh.

"Seo a' chiad iomairt againn 'son airgead a thogail bhon a chaidh an t-urras a chur air bhonn.

"Chan ann dìreach airson Eilidh a tha seo, ach 'son a h-uile neach air an tug an ionnsaigh buaidh," mhìnich i.

Tha Iagan MacNèill air an urras cuideachd agus thuirt e gum biodh na bha a' ruith a' cuideachadh ann a bhith a' dèanamh ceangail eadar teaghlach Eilidh agus Manchester.

Image caption Thuirt Iagan MacNèil gu bheil an t-urras airson atharrachaidhean a thoirt air beathannan dhaoine òga - rudeigin math a' tighinn bho rud cho dona.

"Dh'fhalbh Eilidh a Mhanchester gu neo-chiontach ach gu mì-fhortanach cha do thill i, agus tha sinn airson a dhèanamh cinnteach gu bheil an ceangal eadar Barraigh agus Manchester fhathast gu math làidir agus ann a bhith a' dèanamh sin, a' togail airgid, agus a bhith a' dèanamh cinnteach nach dìochuimhnich Manchester Eilidh agus nach dìochuimhnich Barraigh an taic a thug Manchester do theaghlach Eilidh agus do choimhearsnachd Bharraigh aig an àm dhuilich a bh' againn bho chionn dà bhliadhna.

"Chan urrainn dhuinn atharrachadh a dhèanamh air na tha air tachairt, ach faodaidh sinn ar dìcheall a dhèanamh airson an àm air thoiseach" thuirt e.