Tha crainn aig tuath gaoithe Beatrice an sàs

Tuath-gaoithe Beatrice Image copyright BOWL
Image caption Cumaidh crainn-ghaoithe Beatrice dealan ri 450,000 dachaigh aon uair agus gun tèid an cur gu dol.

Tha dùil gun tòisich Beatrice, an tuath gaoithe aig muir as motha an Alba agus an ceathramh fear as motha san t-saoghal, a' cruthachadh dealain am bliadhna fhathast.

Chaidh am fear mu dheireadh de na 84 crainn aig Tuath Gaoithe Beatrice, suidhichte mu 8 mìle far chladach Ghallaibh ann an Linne Mhoireibh a chur an sàs Diciadain.

Aon uair agus gu bheil e ag obair, bidh an sgeama, a chosg £2.6 billean not, comasach air dealan gu leòr a chruthachadh airson 450,000 dachaigh.

'S e an ceathramh tuath gaoithe aig muir as motha san t-saoghal agus tha e air trì bliadhna a thoirt na crainn a chur an-àirde.

Chaidh a thogail le co-bhanntachd eadar SSE Renewables, Copenhagen Infrastructure Partners agus Red Rock Power Earranta.

Uidheamachd shònraichte

Tha gach crann Beatrice cho fada ri 188 meatair bho uachdar na mara gu ceann an sgèith, agus nas àirde na an London Eye.

'S e an tuath gaoithe aig muir as motha air an t-saoghal aig a bheil bunait stàilinn ris an canar "jacket foundation".

Tha mu 1,000 tunna de chuideam anns gach bunait agus 's iad an fheadhainn ann an uisge nas doimhne san t-saoghal, aig 56 meatair.

Chaidh grunn shoithichean sònraichte a chleachdadh san obair togail.

Nam measg tha am Pacific Orca, "long-air-casan", a tha air a bhith a' cur nan crann an sàs.

Chaidh soitheach ro-ro, an Rotre Vente, a chleachdadh airson nacelles a ghiùlain, am pìos den chrann far am bidhear a' cruthachadh dealain.

Image copyright BOWL
Image caption Thug e trì bliadhna na crainn a chur an sàs.

Buannachd do chompanaidhean

Tha SSE Renewables air còrr air £20 millean not a chosg air oifisean agus ionad càraidh ann an Inbhir Ùige ann an Gallaibh.

Chaidh togalaichean a dhealbh an t-innleadair Albannach ainmeil, Tòmas Telford, bho chionn 200 bliadhna a dhèanamh an àirde airson àite-obrach a dhèanamh airson suas ri 90 duine.

Chaidh obair a dhèanamh air na crainn mus deach an cur ri chèile aig làrach ann an Neig, agus ann an Earra-Ghàidheal chaidh factaraidh CS Wind a chleachdadh airson na tùran a dhèanamh.

'S ann aig gàrraidhean Bi-Fab ann am Fìobha agus ann an Leòdhas a chaidh na bunaitean stàilinn agus na pìlichean a thogail, agus chaidh na sgiathan a thogail aig gàrradh Seimens Gamesa ann an Hull. Chaidh diofar chàballan a dhèanamh le Babcock Marine ann an Ros Saoithe agus JDR Cables ann an Hartlepool.

Thuirt Àrd-stiùiriche SSE Renewables, Jim Mac a' Ghobhainn: "Tha crioch na h-obrach air Beatrice a' dearbhadh cho comasacha agus a tha SSE Renewables agus na companaidhean eile a bha ag obrachadh leinn air a' phròiseict-sa.

"Tha sinn air a dhèanamh taobh a-staigh na h-ùine a chuir sinn romhainn agus taobh a-staigh a' bhuidseat againn, rud a tha fìor mhath nuair a smaoinicheas tu air cho toinnte agus a bha am pròiseict. Bu mhath leinn taing mhòr a thoirt dhan a h-uile duine a thug cuidheachadh dhuinn a thoirt gu buil."