Casg air croitearan an Leòdhas an talamh ionaltraidh a chleachdadh

Caoraich

Chan fhaod croitearan an stoc a chur air fearann ri taobh Phort Adhair Steòrnabhaigh bho òrdugh-cùirteach a fhuair HIAL.

Fhuair HIAL, Companaidh Phort Adhair na Gàidhealtachd agus nan Eilean, an t-òrdugh laghail bho Chùirt an t-Seisein a tha a' cur casg air croitearan Mhealboist agus Bhràigh na h-Aoidhe an talamh ionaltraidh ri taobh a' phuirt-adhair a chleachdadh.

Seo an car as ùire san àimhreit eadar na croitearan agus HIAL.

"Squatters"

Dhearbh Cùirt an Fhearainn roimhe gur ann le na croitearan a tha a' mhòr-chuid den talamh air a bheil am port-adhair stèidhichte agus, mar sin, gu bheil còraichean croitearachd acasan a leantainn.

Bha HIAL air sgrìobhadh gu na croitearan airson innse dhaibh nach robh càil aca an aghaidh na beathaichean aca a chur air na pàircean far a bheil seann thogalaichean an RAF.

Aig toiseach na mìos sgrìobh na croitearan gu na gnìomhachasan a tha stèidhichte aig a' phort adhair a' cur às an leth gur e "squatters" a bh'annta agus a' cur ìmpidh orra cùisean a rèiteach.

Image caption Fhuair na croitearan cead bho Chùirt an Fhearrain roimhe an talamh a chleachdadh 'son na caoraich aca.

Tha HIAL ag ràdh gu bheil seo bagarrach agus shoirbhich leotha ann a bhith a' faighinn interim interdict bho Chùirt an t-Seisein a' toirmisg nan croitearan an talamh ionaltraidh a chleachdadh agus a bhith a' bruidhinn ri na gnìomhachasan aig a' phort adhair.

Tha seo na adhbhar dragh dha na croitearan, gu h-àraidh an dèidh dhaibh fios fhaighinn bho HIAL gun robh e ceart gu leòr gun cleachdadh iad am fearann.

Bha fios aig na croiterean gu robh HIAl a' dèanamh ath-thagraidh ann an Cùirt an t-Seisein an aghaidh riaghlaidh Cùirt an Fhearainn.

Tha iad ag ràdh gun cuir iad an aghaidh a' chaisg laghail às ùire orra bho bhith a' cur an sprèidh air an talamh ionaltraidh.

Thuirt iad gu bheil iad fhathast a' meòrachadh dè an t-slighe a ghabhas iad; taic iarraidh bho Choimisean na Croitearachd neo cur an aghaidh an interim interdict aig Cùirt an t-Seisein.