Ceathrar fo chasaid oidhirp air murt sa Mhanachainn

Seacaid Poilis

Chaidh casaid air ceathrar fhireannach gun do dh'fheuch iad ri murt a dhèanamh sa Mhanachainn.

Chaidh boireannach agus fireannach a leòn san tachartas aig taigh ann am Pàirc Orchard sa bhaile tràth madainn na Sàbaid, agus aithris ann gun robh am fireannach ann an cunnart a bheatha leis cho dona agus a bha e air a ghoirteachadh.

Thuirt fear-labhairt Poileas Alba gu bheil e air adhartas a dhèanamh agus a-nis ann an stait sheasmhach san ospadal.

Nochd Stephen Stiùbhairt, 50, Peadar Druimeanach, 48, agus Lee Druimeanach, 18, à Inbhir Nis, agus Dylan Druimeanach, 24, a bhuineas don Mhanachainn, aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Dimàirt.

Cha do rinn iad tagradh agus chaidh an cumail an grèim.