Òraidichean cholaistean na h-Alba air stailc

Òraidichean air stailc

Tha luchd-obrach bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean am measg an fheadhainn air stailc agus iad ag iarraidh tairgse pàighidh nas fheàrr.

Tha co-obraichean bho cholaistean air feadh na h-Alba cuideachd air sguir a dh'obair fad dà là.

Seo an ceathramh stailc aca on thòisich an t-easaonta eadar iad agus an luchd-fastaidh san Fhaoilleach, ach 's e seo i chiad stailc a mhaireas 48 uair de thìde.

Bidh buill aonaidh an luchd-teagaisg an EIS taobh a-muigh an àiteachan-obrach Diciadain agus Diardaoin, ged a tha dùil gum bi na togalaichean fhèin fhathast fosgailte.

Dh'fhàillich air còmhraidhean eadar iad agus an luchd-fastaidh a tha ag amas air fuasgladh fhaighinn air an aimhreit mu phàigheadh.

Tha na h-aonaidhean mì-thoilichte leis an àrdachadh pàighidh a bhathar a' tabhann air buill ach tha na colaistean ag ràdh gu bheil tairgse nas fheàrr air a' bhòrd, agus gun d'fhuair mòran òraidichean airgead a bharrachd sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh tro sgeama airson tuarastail a chothromachadh air feadh na dùthcha.