Teine monaidh mòr air a bhith a' gabhail bho Dhidòmhnaich

Teine monaidh Image copyright Alex McKinley/SFRS.

Thòisich an teine eadar Mealbhaich agus Strathaidh Là na Sàbaid agus tha luchd-smàlaidh bho air feadh a' chinn a tuath air a bhith ag obair an là agus a dh'oidhche a' feuchainn ri smachd fhaighinn air.

Tha heileacoptairean a' dòrtadh uisge air na lasraichean a tha a' gabhail air fearann dà chilemeatair a dh'fhaid.

Thathar a' tomhas gu bheil an teine air còrr air 5,000 acair de thalamh a losgadh.

Chaill na ceudan dhachaighean an dealan agus chaidh clann a chumail sna sgoiltean aca agus dragh ann gum biodh am bus aca air a shlugadh às a' cheò bhon teine.

Image copyright Alex McKinley/SFRS.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba gu bheil ochd innealan aca aig an làraich

Thuirt comhairliche na sgìre, Linda Rothach, gur e rud eagallach a bh'anns an teine.

Thàinig rabhadh oifigeil toiseach na seachdain gum faodadh teintean monaidh a bhith ann leis cho blàth agus tiorram 's tha an t-sìde air a bhith.

Air a' mhìos sa chaidh bha fear de na teintean mòintich a bu mhotha san Rìoghachd Aonaichte airson grunn bhliadhnaichean ann an Cnoc na Ceannachd ann am Moireibh.