Prìs nan uan a' coimhead gealltanach

Caoraich gan trusadh sna Hearadh

Dh'fhaodadh margaidhean ùra fàgail gum bi barrachd iarrtais ann airson feòil-uain às Alba.

Tha eòlaichean a' ghnìomhachais ag ràdh gur dòcha gum bi buannachd ann ris nach robh dùil do thuathanaich agus croitearan a dh'aindeoin na mì-chinnt a tha a' cuairteachadh Bhrexit.

Tha a' mhòr-chuid de na h-uain a thèid àrach sa cheann a tuath agus air an taobh siar de dh'Alba gan reic gu h-eadar-nàiseanta; bidh an Fhraing a' ceannach faisg air 50% de dh'uain na h-Alba.

Ann an Sìona tha barrachd agus barrachd dhaoine airson feòil-uain ithe, a' fàgail gur i an treas dùthaich as motha san t-saoghal a thaobh na bhios an sluagh ag ithe dhith.

Tha sin a' ciallachadh gu bheil mòran nas lugha feòil-uain à New Zealand a' dol dhan Aonadh Eòrpach, agus 's e sin a tha a' fàgail gu bheil barrachd iarrtais san Roinn Eòrpa airson feòil-uain Albannaich.

Tha daoine a-nis ag ràdh gum faodadh prìsean èirigh chun na h-ìre as àirde o 2015, ged 's e Brexit a bheir a' bhuaidh as motha air mar a bhios prìsean san àm ri teachd.