Taic ga sireadh 'son aiseagan Earra-Ghàidheal
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' cur ìmpidh air Riaghaltas na h-Alba ceithir aiseagan a tha iad a' ruith a ghabhail os làimh.
'S iad a' Chomhairle a tha a' lìbhrigeadh sheirbheisean eadar Saoil is Eisdeal is Saoil is Luinn anns na h-Eileanan Sgleat, is cuideachd eadar Ìle is Diùra, is eadar Port na h-Apann is Lìos Mòr.
Tha dragh air an ùghdarras ionadail gu bheil na h-aiseagan uile a' fàs sean is gum feum an toirt a-mach à seirbheis an ceartuair.
Thuirt iad gu bheil e a' cosg còrr is £1m dhaibh gach bliadhna airson na seirbheisean a chumail a' dol.
Dh'innis iad gu bheil seo air uallach a chur air buidseatan eile.
Tha iad ag ràdh gu bheil comhairlean eile a' faighinn taic airson aiseagan a ruith ach nach eil iad fhèin.
"'S e seirbheisean gu tur rianatach a th' ann an trì de na ceithir seirbheisean a th' againn", thuirt Ceannard Poileasaidh nan Rathaidean is nan Goireasan aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Ruairidh MacCuthais.
Cothromach
"Chan eil sinn ag iarradh dad a tha mì-reusanta. Fhuair Còmhairle Arcaibh agus Comhairle Shealtainn £10m am-bliadhna is gheibh iad £10m an ath-bhliadhna gus na seirbheisean aiseig aca a ruith - mar as còir.
"Rinn sinn tagradh cuideachd is cha d'fhuair sinn sgillinn. Cha creid mi gu bheil sin cothromach", thuirt e.
Dh'innis a' Chomhairle gu bheil iad air a bhith a' còmhradh ri Còmhdhail Alba a thaobh na seirbheisean a ghabhail os làimh.
Tha a' Chomhairle den bheachd gun gabhadh seo a dhèanamh fon chùmhnant a th' aig Còmhdail Alba le CalMac.
Coinnichidh Comataidh Poileasaidh is Stòrais na Comhairle Diardaoin gus bruidhinn air a' chùis.
Thèid iarraidh air buill taic a chur ris a' ghluasad.
Beachdaichidh iad cuideachd air mar a ghabhas am plana a thoirt air adhart.
Tha an aithisg cuideachd ag ràdh gu bheil a h-uile coltas ann gun tèid faraidhean suas san eadar-ama.