Leabhar ùr nan Ainmean-Àite

Leabhar Image copyright Ainmean Àite na h-Alba

Am fear a bhios fada aig an aiseag, gheibh e thairis uaireigin.

Uill, tha teans gu bheil cleas an t-seanfhacail dearbhte a thaobh obair beatha an Urramaich Teàrlach M Robasdan.

Rugadh an Robasdanach faisg air Obar Pheallaidh ann an 1864.

Chaidh e a Dhùn Èideann far an tug e a-mach ceum ann an Ceilteis, mus deach e na mhinistear san Eaglais Shaoir.

Nuair a thàinig sgaradh san eaglais ann an 1900, chaidh an t-Urramach Robasdan taobh na h-Eaglaise Saoire Aonaichte.

Thall 's a-bhos

Dh'fhàg sin gun robh e tric air falbh a' searmonachadh air coithionalan beaga air feadh na Gàidhealtachd.

Thug seo cothrom air leth dhan Robasdanach a dhol an sàs ann an gnothach eile a bha fìor chudromach dha.

B' e sin dualchainntean is ainmean-àite na Gàidhlig.

'S iomadh àite air an do thadhail e, bho Arainn gu Cataibh, is bhon Eilean Sgitheanach air ais dhan sgìre aige fhèin ann an Siorrachd Pheairt.

'S mòr an t-saothair a rinn e, ach chaochail an t-Urr. Robasdan ann an 1927 gun an obair aige a chur ann an clò.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Agallamh leis Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, a sgrìobh ro-ràdh 'son an leabhair.

Agus b' e sin e, gus an deach an Dr Jacob King an sàs.

Às dèidh dha PhD a thoirt a-mach ann an ainmean aibhnichean na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann ann an 2008, thòisich an Dr King ag obair le Ainmean-Àite na h-Alba is chuir e roimhe fhèin obair an Urr. Robasdan a thoirt ri chèile.

Tha an obair air tighinn gu buil san leabhar ùr aig Ainmean-Àite na h-Alba, Scottish Gaelic Place-Names: The Collected Works of Charles M. Robertson.

"Tha càrn mòr de phàipearan a dh'fhàg an Robasdanach às a dhèidh ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba is tha Jake King gu mòr ri mholadh airson an obair a rinn e", thuirt an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, a sgrìobh ro-ràdh 'son an leabhair.

Mac-talla

"An rud as cudromaiche, tha mi a' smaoineachadh, tha e dìreach ga chur fa chomhair a' mhòr-shluaigh.

"Bha an Robasdanach a' feuchainn fad a bheatha ri leabhar mu ainmean-àite na h-Alba, Gàidhlig co-dhiù, uile gu lèir a chur ri chèile, is cha deach leis.

"Tha measgachadh de na h-artaigilean a sgrìobh an Robasdanach ann mu dhiofar àiteachan eadar Dùthaich MhicAoidh is Eilean Eige, agus dìreach na clàran a rinn e de dh'ainmean-àite air feadh na Gàidhealtachd.

"Gu math tric ann an àiteachan far nach eil Gàidheil a bhuineas dhan àite beò an-diugh", thuirt e.

Cha mhòr ceud bliadhna às dèidh a' bhàis, tha obair an Robasdanaich mu dheireadh thall air a toirt ri chèile ann an clò, is i na mac-talla air saoghal nach eil ann an-diugh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile