Smachd nas motha ga iarraidh air fithich

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Getty Images

Tha croitearan ann an Uibhist a Deas ag ràdh gum bu chòir smachd nas fheàrr fhaighinn air fithich.

Tha iad ag ràdh gu bheil na h-eòin air a bhith a' marbhadh agus a' leòn uain òga.

Gabhadh losgadh air fithich le cead, ach tha cuid ag ràdh gu bheil na riaghailtean a tha an lùib nan ceadan ro theann.

Bha Iain Stephen Moireasdan ag ràdh gum bu chòir cothrom a bhith aig croitearan na beathaichean aca a dhìon.

Bha e ag ràdh gu bheil àireamh shònraichte de dh'fhithich a dh'fhaodas daoine a mharbhadh gach seusan, ach gum bu chòir cead a bhith aig croitearan losgadh orra nuair a tha iad a' faireachdainn gu bheil sin riatanach.

Bha Mgr Moireasdan ag ràdh gun lùigeadh e gun togadh croiteran an guthan, gun èisteadh luchd-poileataigs agus gun dèanadh iad strì airson nan croitearan.