Railidh Mhuile gus tilleadh

Càr

Chaidh a dhearbhadh gun till rèis chàraichean Mhuile am-bliadhna.

Bha an railidh ann mu dheireadh ann an 2016.

'S e tachartas glè chudromach a th' ann do Mhuile, is feadhainn air tomhas gu bheil e a' toirt faisg air £1m dhan eaconomaidh ionadail.

Chaidh rèisean 2017 is 2018 a chur dheth ri crathadh air na riaghailtean a th' ann a thaobh slàinte is sàbhailteachd às dèidh thubaistean aig railidhean ann an Alba anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

Clach-mhìle

Dh'fhàg seo cosgaisean àrachais fìor àrd air buidhnean a bha 'son rèisean a chur air adhart air rathaidean dùinte.

Le reachdas ùr a-nise ann an àite, tha an fheadhainn a tha a' cur air dòigh Railidh Mhuile air innse gun till an rèis san Dàmhair.

Thuirt iad gu bheil iad air an dòigh is 2019 a' comharrachadh 50 bliadhna bho thòisich Railidh Mhuile.

Bidh an rèis ann eadar an 11mh is 13 den Dàmhair.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile