Maighdeann an Locha fosgailte a-rithist

Maighdeann an Locha.

Bidh an soitheach pleadhaig mu dheireadh a thogadh san Rìoghachd Aonaichte fosgailte a-rithist bhon deireadh-sheachdain.

Chan eil Maighdeann an Locha air seòladh bho 1981 is i air a bhith ceangailte aig cidhe a' Bhealaich.

Chaidh dàil air obair-leasachaidh san Fhaoilleach nuair a bhris an t-inneal a bha ga toirt a-mach às an uisge.

Thàinig air luchd-obrach teicheadh gu sàbhailteachd.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Maighdeann an Locha fhathast anns an Loch.

Fosglaidh Maighdeann an Locha a-rithist bhon deireadh sheachdain seo gu ruige na Dàmhair.

Bidh cothrom ann a dhol air bòrd is tadhal air a' chafaidh, air an deach obair-ùrachaidh a dhèanamh.

Tha obair fhathast a' leantainn air a' phròiseict, luach £5.5m, gus an soitheach fhèin a leasachadh.

Thathas an dràsta a' togail phìoban ùra agus thèid an cur an sàs an ath mhìos, le amas gum bi an t-einnsean a' dol às ùr san Òg-mhios.