Taic-airgid do dh'oidhirp a' Chàirn Ghuirm

An Càrn Gorm Image copyright Beinn a' Chàirn Ghuirm
Image caption Ghabh HIE an uairsin smachd air an ionad is na goireasan às ur, is a' chompanaidh a bha gan ruith dhaibh air a dhol ann an rianachd.

Fhuair buidheann a tha 'son ionad sgìthidh a' Chàirn Ghuirm a ghabhail thairis £90,000 bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

'S iad Urras Coimhearsnachd na h-Aghaidh Mòire agus a' Ghlinne Mhòir a tha air cùl plana gus an t-ionad a chur fo smachd na coimhearsnachd.

Tha troimh-chèile air a bhith a' cuairteachadh an ionaid is rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm dùinte air adhbharan sàbhailteachd.

Ghabh HIE an uairsin smachd air an ionad is na goireasan às ur, is a' chompanaidh a bha gan ruith dhaibh air a dhol ann an rianachd.

Toileachas

Dh'innis Urras Coimhearsnachd na h-Aghaidh Mòire agus a' Ghlinne Mhòir gu bheil iad air an dòigh leis an taic-airgid seo.

Thuirt a' bhuidheann gun tèid an t-airgead a chleachadh gus am plana aca a thoirt air adhart.

Thèid manaidsear pròiseict is oifigear rianachd fhasdadh sa chiad dol a-mach, is dòchas ann gun tèid an sgioba a leudachadh.

Thuirt fear de stiùirichean an Urrais, Mike Gale, gur e ceum mòr a tha seo is gu bheil coltas ann gu bheil HIE a-nise a' sealltainn spèis do phlana na coimhearsnachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile