Obraichean ùra ChalMac an Steòrnabhagh

Steòrnabhagh

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' stèidheachadh còig chosnaidhean ùra ann an Stèornabhagh.

'S ann an ionad fiosrachaidh ùr do luchd-cleachdaidh ChalMac a bhios na h-obraichean.

Chan e obair làn-ùine a bhios ann ge-tà, ach dìreach airson mìosan trang an t-Samhraidh.

'S fhada bho thoisich Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air a' chompanaidh aiseig tuilleadh obraichean a chur dha na h-eileanan.

"'S e ceum beag air adhart a th' ann," thuirt Cathraiche Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan.

"Tha sinn air a bhith a' strì airson obraichean mar seo fhaicinn stèidhichte sna h-eileanan airson, tha mi a' creidsinn bliadhna gu leth, agus tha e math fhaicinn gu bheil an ceum beag seo a' tachairt.

"Tha sinn a' coimhead airson obraichean làn-ùine agus obraichean aig àrd-ìre cuideachd, far a bheil cumhachd aig an fheadhainn a tha stèidhichte ann a bhith a' dèanamh cho-dhùnaidhean a tha riatanach dha na h-eileanan fhèin.

"Tha sinn toilichte seo fhaicinn, ach tha sinn a' dol a chumail a' dol ag argamaid 's ag iomairt airson barrachd obraichean fhaicinn stèidhichte sna h-eileanan.

"Tha e cudromach dhuinn gu h-àraid gum bi feadhainn stèidhichte ann ag obair a tha a' faicinn cò ris a tha e coltach a bhith a' fuireach 's ag obair anns na h-eileanan," thuirt e.