Ceangal-rathad ga chrìochnachadh

Cònaichean rathaid

Thèid tòiseachadh air an earrainn mu dheireadh de Cheangal-rathad an Iar an Inbhir Nis air an ath-mhìos.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad air a' chùmhnant, luach £10m, a thoirt don chompanaidh RJ MacLeòid.

Bidh drochaid ùr a dh'fhosglas, thar a' Chanàil Chailleanaich, na pàirt dheth.

Chaidh a' chiad earrainn - an earrainn as motha - de Cheangal-rathad an Iar Inbhir Nis a chrìochnachadh deireadh 2017.

dhrochaid

Tha e a' ceangal an A82 ri Rathad Dhubhrais, 's a' toirt trafaig timcheall iomall a siar a' bhaile.

Tha sinn air faochadh a dhèanamh do thrafaig ann am meadhan Inbhir Nis, agus cuideachd air tursan sa chàr a dhèanamh nas giorra 's nas luaithe do dh'iomadh duine.

Mar phàirt den chiad earrainn sin, chaidh drochaid ùr stèidhichte a chur thar Abhainn Nis - Drochaid Mhuilnean Thuilm.

Tha a-nis RJ MacLeòid air a' chùmhnant fhaighinn airson an dàrna earrainn.

'S e am pàirt as cudromaiche dheth sin gun tèid drochaid ùr a ghabhas fosgladh cur thar a' Chanàil Chailleanaich.

Tha tè a dh'fhosglas mar thà air an A82 aig Tom na h-Iùbhraich, ach feumaidh trafaig stad nuair a bhios i fosgailte airson bàtaichean a leigeil troimhe.

Leis an drochaid ùr a thèid a thogail, bidh tè aca fosgailte fiù 's nuair a bhios an t'èile dùinte, 's cumaidh an trafaig a' dol.

Tha dùil gum bi an dàrna earrainn den Cheangal-rathad an Iar deiseil ro dheireadh na h-ath-bhliadhna.