Aiseag Bharraigh a' ruith a-rithist

MV Isle of Lewis

Chaidh seirbheis aiseig Bharraigh a chur gu dol a-rithist an dèidh dhi a bhith dheth ceithir làithean agus an MV Isle of Lewis air briseadh sìos ris a' chidhe ann am Bàgh a' Chaisteil.

Chuir droch shìde maill air an obair-càraidh, an dèidh dhan t-soitheach a dhol ceàrr air an deireadh-sheachdain.

Seach gun robh am bàt'-aiseig ris a' chidhe, chan fhaigheadh bàta eile a-steach airson luchd-siubhail agus bathair a ghiùlain eadar an t-eilean agus tìr-mòr.

Chaidh a-niste a gluasad, agus ràinig an MV Clansman Bàgh a' Chaisteil feasgar Diciadain.

Tha fear de chomhairlichean Bharraigh, Dòmhnall Manford, ag ràdh gu bheil ceistean aige mu mar a tha CalMac ag ùrachadh nam bàtaichean aca.

"Tha e na bhriseadh crìdhe mòr, domhain, na bàtaichean ùra a tha còir a bhith an-diugh san uisge a' ruith, agus iad fhathast gun a bhith air an togail, air an crìochnachadh dòigheil," thuirt e.

"'S e rud mòr mòr math a th' ann, an naidheachd a chuala sinn gun robh iad gu bhith air an togail an Alba, agus 's e briseadh cridhe domhain domhain a th' ann, nach eil iad 'a tighinn air n-aghaidh anns an dòigh sam bu chòir dhaibh," thuirt e.