Aonad-siubhail Dialysis air fàire aig tuath?

Inneal Dialysis
Image caption Tha tighinn air cuid de dh'euslaintich ann an sgìrean dùthchail na Gàidhealtachd siubhal trì tursan a dh'Inbhir Nis gus dialysis fhaighinn.

Bu chòir sealltainn air an gabh aonad-siubhail dialysis fhaighinn dhan Ghàidhealtachd, a rèir chathraiche eadar-amail bhòrd slàinte na sgìre.

Dh'innis Boyd Robasdan do BhBC Radio nan Gàidheal gum biodh leithid de ghoireas air leth feumail do dh'euslaintich ann an sgìrean iomallach.

"Nuair a bha mi shìos ann an Ceann Loch Chille Chiarain, chunna' mi an sin aonad airson dialysis far an gabh ceathrar dèiligeadh riutha anns a' bhaile fhèin, gun a bhith a' siubhal a Ghlaschu trì tursan san t-seachdain," thuirt e.

"Tha mi mothachail gu bheil iarrtas dhan aon sheòrsa san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse an-dràsta.

"Agus thàinig beachd thugam, dè mu dheidhinn gum biodh aonad dialysis a ghabhadh toirt mun cuairt diofar sgìrean.

"Bhiodh e feumail, nan gabhadh e a dhèanamh aig cosgais reusanta, gum biodh aonad mar sin againn a dh'fhaodamaid a ghluasad bho àite gu àite, a shàbhaladh an t-uabhas siubhail do dhaoine a tha tinn agus a tha a' fulang air sgàth gum feum iad a dhol trì tursan san t-seachdain a dh'Inbhir Nis," thuirt e.