Potato
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Buntàta Ghriais

15 An Giblean 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha fhios againn cho cudromach sa bha am buntàta dha na Gàidheil.

'B àbhaist dhaibh a bhith ga chur aig an àm seo dhen bhliadhna ach bho chionn ceud bliadhna ann an Griais ann an Leòdhas bha an obair a' samhlachadh strì a bha iad a' dèanamh airson talamh dhaibh fhèin - strì an fhearainn a bha a' dol air feadh nan Eilean agus na Gàidhealtachd.

Air an deireadh sheachdain thàinig a' choimhearsnachd còmhla a chomharrachadh iomairt a rinn an sinnsearan - le bhith a' cur - dè eile? - ach buntàta.

Chaidh Eilidh NicLeòid ann dhuinn.