MV Isle of Lewis fhathast aig caladh

MV Isle of Lewis

Tha dùil ri innleadairean à Leòdhas ann am Bàgh a' Chaisteil a-nochd 'son obair-càraidh a dhèanamh air an MV Isle of Lewis.

Tha an t-aiseag air a bhith ceangailte aig a' chidhe le trioblaidean teicnigeach, 's leis nach urrainnear gealltainn gum bi i a' seòladh a-màireach, tha CalMac a' cur sheirbheisean a bharrachd air Caolas Bharraigh airson cothrom a thoirt do luchd-siubhail air an MV Lord of the Isles ann an Loch Baghasdail.

A bharrachd air na trioblaidean teicnigeach leis an Isle of Lewis, tha gaoth làidir air bacadh a chur air luchd-obrach bho bhith a' faighinn chun an eilein 'son an obair-càraidh a dhèanamh.

Leis gun robh tòrr uidheamhachd aca, thàinig iad sìos air aiseag Chaolas na Hearadh Diluain agus tha dùil riutha ann am Barraigh a-nochd.

Leis nach eil fios fhathast am bi an Isle of Lewis deiseil 'son seòladh Dimàirt, thuirt CalMac gu bheil iad a' cur barrachd sheòlaidhean air Caolas Bharraigh son 's gum faod luchd-siubhail a dhol air an aiseag eadar Loch Baghasdail agus Malaig, no fiù 's a dhol a Loch nam Madadh son seòladh a dh'Ùig.