Comhairle air coinneachadh ri Ofgem

Càball air grunnd na mara

Choinnich riochdairean Comhairle nan Eilean Siar ri oifigich Ofgem Diardaoin, mar phàirt de cho-chomhairle dheireannaich a thaobh Caball a' Chuain Sgìth.

Tha Ofgem air a ràdh roimhe gur e càball 450 megawatt a b' fheàrr leothasan, ach thuirt a' Chomhairle, luchd-leasachaidh agus SSE gum bi càball 600MW riatanach airson 's gum faigh pròiseactan ath-nuadhachail a th' ann an sealbh na coimhearsnachd air an dealan a chruthaicheas iad a chur ris a' Ghriod Nàiseanta.

Rinn a' Chomhairle argamaid làidir airson càball 600MW, a' cleachdadh ro-fhigearan de na ghabhas cruthachadh de dhealan tro na sgeamaichean ath-nuadhachail thairis air na beagan bhliadhnaichean a tha romhainn.

Tha Ofgem cuideachd a' coinneachadh ri luchd-leasachaidh tron cho-chomhairle.

Feum Soilleir

Tha Ofgem air a ràdh gur e càball 450MW a b' fheàrr leothasan seach gum feum iad luach an airgid a thoirt do luchd-cleachdaidh lìonra an dealain air feadh Bhreatainn.

"Tha trì sgeamaichean tuath-gaoithe le cead agus cùmhnant mar thà - Tuath-Gaoithe Steòrnabhaigh LWP, Uisinis, agus Tuath-Gaoithe FORSA aig Druim Leathann," thuirt Ceannard na Comhairle, Ruairidh MacAoidh.

"Ach, tha dùil ri tuilleadh sgeamaichean a tha gan cur air adhart an-dràsta, a chruthaicheas deagh chnap de dhealan.

"Chuir sinn fianais mu choinneimh Ofgem gu bheil feum soilleir air 530MW, a tha gu leòr, gun a bhith a' coimhead ri feumalachdan san àm ri teachd, airson càball 600MW fhìrinneachadh.

"'S e diofar mu £27m a bhiodh ann a thaobh cosgais a bhith ga chur an sàs, no 4.5% den chosgais. Ach ma thèid sin a dhèanamh nas fhaide sìos an rathad, chosgadh e mòran a bharrachd.

"Tha dùil againn gun cosgadh càball ùr eile a chur ris a' cheangal mu £270m. Mar sin dheth tha e a chùm maith luchd-cleachdaidh dèanamh cinnteach gun gabh barrachd dealain a chur gu tìr-mòr san àm ri teachd," thuirt e.

Slighe gu Margaid

Thuirt a' Chomhairle cuideachd gun cuireadh càball nas lugha às don roinn choimhearsnachd ann an cumhachd ath-nuadhachail, gum fàgadh e nach biodh uiread de chothrom ann air cumhachd gaoithe far-chladaich anns an sgìre as gealltannaiche san Roinn Eòrpa airson a leithid, agus gum fàgadh e nach biodh sgeamaichean LWP agus FORSA cho farpaiseach aig ìre rùp, seach gum biodh iad na bu eaconomaiche le càball 600MW.

"Tha a' Chomhairle air a bhith gu math taiceil do sgeamaichean chumhachd ath-nuadhachail anns na h-eileanan, agus tha sinn air taic a thoirt do phròiseactan coimhearsnachd tro Chumhachd Coimhearsnachd Alba," thuirt an Comh. MacAoidh.

"Chuir a' Chomhairle coinneamh air dòigh le Ofgem le riochdairean bho na sgeamaichean coimhearsnachd a tha a' dol mar thà, a thuilleadh air ar pàrtnairean aig Cumhachd Coimhearsnachd Alba.

"Tha mi misneachail gum bi a' Chomhairle ag iarraidh leantainn leis an taic sin, ach feumaidh slighe a bhith ann gu margaid airson an dealain a thèid a chruthachadh, no cha tèid iad air adhart ann.

"Tha a' Chomhairle ag iarraidh air Ofgem an argamaid làidir a chaidh a dhèanamh aithneachadh, agus càball nas motha a mholadh.

"Tha sinne den bheachd gu bheil an fhianais a bharrachd a chuireadh mu choinneimh Ofgem an-diugh a' toirt cothrom dhaibh càball 600MW a chumail air a' bhòrd," thuirt e.