Coltas cuimhneachain Eilidh ga fhoillseachadh

Dreach na h-ìomhaigh-snaighte Image copyright Jenna Gearing/ACT/Eilidh's Trust
Image caption 'S ann à Sussex, a tha Jenna Gearing, a dhealbh an ìomhaigh le comhairle bho theaghlach Eilidh.

Chaidh dreach ìomhaigh-shnaighte a bhios mar chuimhneachan air an deugaire à Barraigh, Eilidh NicLeòid, a bha 14, agus a chaill a beatha ann an ionnsaigh bhoma Mhanchester ann an 2017, fhoillseachadh.

Bidh an ìomhaigh ann an umha a' sealltainn bana-phìobaire le a pìob na h-uchd, 's i a' sìneadh a làimh a-mach gu balach òg a tha le feadan na dhòrn 's e ag ionnsachadh pìobaireachd.

'S i tè-ealain à Sussex, Jenna Gearing, a dhealbh an ìomhaigh le comhairle bho theaghlach Eilidh.

Thathas ag amas air an gràdh a bh' aig Eilidh do cheòl, gu h-àraid a' phìob, agus cho deònach 's a bha i taic a thoirt do chàch anns a' choimhearsnachd aice a shealltainn.

Bana-phìobaire

A thuilleadh air a bhith a' seinn na pìoba aig tachartasan coimhearsnachd ann am Barraigh is Bhatarsaigh, bha Eilidh cuideachd na ball de Chòmhlan Pìoba Sgoil Lìonacleit.

Thèid an ìomhaigh-shnaighte a chur ann an gàradh cuimhneachaidh ùr a' coimhead thairis air Bhatarsaigh.

Tha dùil gum bi an obair deiseil agus stèidhichte ann am Barraigh ann an 2020.

Is coltach gur e a' chiad ìomhaigh-shnaighte bhuan a' tha a' sealltainn bana-phìobaire.

'S iad Urras Coimhearsnachd Ardonagh (ACT) - buidheann choimhearsnachd a tha mar phàirt de Bhuidhinn Ardonagh, aig an robh antaidh Eilidh ag obair - a tha a' maoineachadh na h-ìomhaigh.

Image copyright Eilidh MacLeod Family

"'S e a tha fa-near dhuinn leis an ìomhaigh seo de bhana-phìobaire òg ach dèanamh cinnteach gun tèid beatha agus dìleab Eilidh a chomharrachadh gu h-iomchaidh," thuirt Suzanne White, bho Urras Cuimhneachaidh Eilidh NicLeòid.

"Ghlac an dreach a spiorad dha-rìribh, agus 's e cuimhneachan sgairteil a th' ann do nighinn òig a bha gu math sònraichte.

"'S e dreach bòidheach a th' ann, a tha a' toirt urraim do na luachan coimhearsnachd de dh'aonachd, gràdh, taic agus deòn càch a chuideachadh, 's e aig an aon àm a' glacadh an dealais a bh' aig Eilidh do cheòl."

Coimhearsnachd Làidir

Tha an t-Urras an dòchas àite a thoirt do mhuinntir Bharraigh agus Bhatarsaigh, agus do dhaoine à àiteachan eile, far am faod iad a bhith meòrachail gu sàmhach, 's às an tarraing iad brosnachadh.

"Mar theaghlach, 's e rud uabhasach a bh' ann a bhith a' call Eilidh ann an dòigh cho an-iochdmhor," thuirt athair Eilidh, Ruairidh MacLeòid.

"Cha rachadh againn gu bràth taing iomchaidh a thoirt don a h-uile duine, na coimhearsnachdan, agus caraidean Eilidh a thug dhuinn uiread de ghràdh agus taic nar n-èiginn, agus a tha gu dearbha, fhathast a' dèanamh sin, gu h-àraid nuair a bha iadsan air an goirteachadh cuideachd.

"Tha e air a bhith na thogail dhuinn uile urras Eilidh a stèidheachadh, agus a bhith ag obair còmhla ri Jenna agus càirdean is caraidean ann am Barraigh.

"Tha sinn air leth taingeil gach cuid do ACT agus do Jenna airson an cuid dealais ann a bhith a' toirt taic do dhìleab Eilidh, agus dhan choimhearsnachd làidir san deach a togail," thuirt e.