Ionad meidigeach an Cille Chuimein air fhosgladh às ùr

Chaidh ionad meidigeach ùr a chosg £1m fhosgladh gu h-oifigeil ann an Cille Chuimein an-diugh.

Chaidh an t-seann ionad a mhilleadh le teine bho chionn ceithir bliadhna.

'S e coimhearsnachd na sgìre fhèin a thog an t-airgead airson an ionaid ùir.

Nuair a chaidh an t-àite na theine anns an Damhair 2015 cho-dhùin na dotairean a bha ag obair ann aig an àm, na dreuchdan aca a' leigeil seachad.

B' ann leothsan a bha an làraich agus dh'fhoighnich iad dhan choimhearsnachd an robh iadsan airson a cheannach.

Cosnaidhean

Cha b'e ruith ach leum agus fo stiùir Companaidh Coimhearsnachd Chille Chuimein is Gleann Moireasdain - carthannas a tha a coimhead às dèidh an ionmhais a tha tighinn dhan choimhearsnachd bho thuathan-gaoithe anns an sgìre, thòisichear a' togail airgid.

Bha Stòras Fearann na h-Alba, Comhairle na Gàidhealtachd, SSE Renewables agus Falck Renewables a-measg na thug ionmhas seachad.

Dh'obraich a' bhuidheann coimhearsnachd gu cruaidh cuideachd le NHS na Gàidhealtachd son a bhith cinnteach gum biodh a' phròiseact ceart a thaobh goireasan slàinte.

Bidh deichnear a' faighinn cosnadh ann agus tha iad gu bhith an-lùib sgeama pìleat 'Near Me' - goireas bhideò a dh'fhaodas euslaintich a chleachdadh aig an ionad, son bruidhinn ri dotairean ann an ospadal an Ràthaig Mhòir.

Le barrachd rùm anns an ionad ùr, bi cothrom aig na dotairean teaghlaich neach trèanaidh fhasdadh, 's faodaidh oileanaich ùine a chur seachad còmhla riutha cuideachd.