300 a' cur fios mu bhurraidheachd aig Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd

Ospadal

Tha còrr air 300 duine air fiosrachadh a chur a dh'ionnsaigh an rannsachaidh a tha ga dhèanamh air casaidean de bhurraidheachd aig Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd.

Dh'innis Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, dha BBC ALBA nach eil fhios aicese dè an fhianais a thug iad seachad, ge-tà, seach gu bheil an rannsachadh neo-eisimeileach 's gu bheil e fhathast a' leantainn.

'S e Iain Sturrock QC, a tha a' cur air dòigh na h-aithisg 's bha dùil gum biodh e deiseil sa Ghearran, ach thuirt Ms Freeman gun tèid a foillseachadh às dèidh na Càisge, leis gun robh na h-uiread fhianaisichean aca.

Thuirt Àrd-Oifigear a' Bhùird, Iain Stiùbhart gu bheil e airson 's gum bi an aithisg ceart nuair a thèid a foillseachadh, agus gu bheil e nas fheàrr feitheamh beagan nas fhaide air a son, fhad 's a tha i ceart.

"Tha mi airson a bhith cinnteach gun gabh sinn ris na molaidhean, gu bheil cùram agus taic againn 'son duine sam bith a tha a' faireachdainn gun deach burraidheachd a dhèanamh orra.

"Tha sinn airson 's gu bheil am pròiseas ceart againn, 's gun tèid cothrom a thoirt do dhaoine air an deach burraidheachd a dhèanamh, gum faod iadsan sin a chlàradh ann an dòigh shàbhailte.

"Tha sinn airson a dhèanamh cinnteach gun tèid casaidean de bhurraidheachd a rannsachadh ann an dòigh nas fheàrr, agus nas cudromaiche buileach, gu bheil an cultar ann an NHS na Gàidhealtachd nas fhèarr," thuirt e.